File: rocket.xml

package info (click to toggle)
lincity-ng 2.14.2-1
• links: PTS, VCS
• area: main
• in suites: forky, sid
• size: 186,616 kB
• sloc: cpp: 31,237; xml: 23,019; ansic: 274; lisp: 189; python: 182; sh: 92; makefile: 18
file content (24 lines) | stat: -rw-r--r-- 2,117 bytes parent folder | download | duplicates (6)
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
<?xml version="1.0"?>
<Document style="helpdocument">

Raon-rocaide

'S urrainn dhut do mhuinntir às-àiteachadh dha shaoghal eile le rocaidean 's crìoch a chur air a' gheama le sin.

Feumaidh tu còig rocaidean falamh a losgadh gu soirbheachail mus urrainn dhut tòiseachadh leis an às-àiteachadh.
Bidh rum airson 1000 duine anns gach rocaid às-àiteachaidh shoirbheachail.

Tha coltas soirbheas an losgaidh co-ionnan ri ìre an teicneolais aig àm an losgaidh.
Mar eisimpleir, bi thu an dùil air ceithir losgaidhean soirbheachail a-mach à còig ma bhios teicneolas de 80% agad.
Bidh losgadh soirbheachail an-còmhnaidh ma tha teicneolas de 100% no as àirde agad. Feumaidh tu raon-rocaide ùr a thogail airson gach rocaid a thogas tu.

Cha leig thu leas raointean-rocaide a cheangal ri giùlan cho fad 's a bhios margaid am fagas. Bidh thu feumach air uiread mòr de stàilinn, bathair, obrach 's airgid gus an togail.
Nuair a bhios rocaid air a togail, gheibh thu teachdaireachd a' faighneachd dhiot a bheil thu airson a losgadh sa bhad no uaireigin eile.
Ma chuireas tu romhad a losgadh uaireigin eile, briog air an raon nuair a bhios tu airson a losgadh. Faodaidh na thogras tu de rocaidean a' feitheamh a bhith agad.

Nuair a bhios rocaid air a togail ach a' feitheamh air losgadh, cha chleachd i stàilinn, bathar no obair tuilleadh ach cosgaidh i fhathast mòran airgid.

Gliocas: cleachd inneal an às-àiteachaidh gus na stòrasan nach deach a cleachdadh a thogail mus mill thu raon-rocaide air a chaitheamh.

Seo raon-rocaide

agus seo ìomhaigheag

Faic cuideachd:

Margaid

Bathar-amh

Às-àiteachadh

</Document>